27 An Lùnastal, 2009 - Air fhoillseachadh aig 11:10 BST
Plana a bheireadh na buidhnean Gàidhlig còmhla
Tha Bòrd na Gàidhlig air sgrùdadh òrdachadh feuch an gabh ionad mòr a thogail ann an Inbhir Nis fon deadh na buidhnean Gàidhlig uile còmhla.
Thathar cuideachd a' beachdachadh air ionadan mar seo a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh, Glaschu agus Dùn Eideann.
Tha co-dhiù dà làrach ann an Inbhir Nis a dh'fhaodadh a bhith freagarrach - tè ri taobh na bun-sgoile Gàidhlig, agus tèile air fearann far a bheilear airson togalach ùr OGE a thogail aig Beechwood.
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba do Bhòrd na Gàidhlig gum feum iad beachdachadh air leithid a ghluasad airson an cuid airgid a chosg ann an dòigh nas èifeachdaiche.
Tha dùil gun cosgadh an leithid na milleanan notaichean.
Tha Ministear na Gàidhlig, Mìcheal Russell, air iarraidh air na buidhnean plana a chur an gnìomh a bheireadh àrdachadh air na tha de luchd-labhairt a' chànain.